Tha sinn a’ creidsinn ann an aon Dia, an t-Athair, an uile-chumhachdach, cruithear nèimh agus talmhainn, de na h-uile a tha faicsinneach is neo-fhaicsinneach.
Tha sinn a’ creidsinn ann an aon Tighearna, Iosa Crìosd, aon mhac Dhe, gu siorraidh ginte den Athair, Dia o Dhia, Solas o Sholas, fìor Dhia o fhìor Dhia, ginte, chan ann deante, den aon susbaintris anAthair. Leis an do rinneadh a h-uile nì. Air ar son-ne agus airson ar saoraidh thàinig e a-nuas o nèamh; le cumhachd an Spioraid Naoimh ghabh e colann daonna den Oigh Moire agus rinneadh na dhuine e. Air ar son-ne cheusadh e fo Phointius Pìlat; dh’fhulaing e bàs agus dh’adhlaiceadh e. Air an treas latha dh’eirich e a-rithist a-reir nan Sgriobtairean; chaidh e suas gu nèamh agus tha e na shuidhe aig deas-laimh an Athar. Thig e a-rithist ann anglòira thoirt breith air na beothaibh agus air na mairbh, agus air a rìoghachd cha bhi crìoch.
Tha sinn a’creidsinn anns an Spiorad Naomh, an Tighearna, tabhartair beatha, a tha a’ tighinn on Athair agus on Mhac. Leis an Athair agus leis a’ Mhac, tha e air adhradh agus air a ghlòrachadh, a labhair tro na Fàidhean.
Tha sinn a creidsinn ann an aon Eaglais naomh chaitligeach agus abstolach. Tha sinn ag aideachadh aon bhaistidh gu maitheanas pheacannan. Tha dùil againn ri aiseirigh nam marbh, agus ri beatha an t-saoghail a tha ri teachd. Amen.